"Barrachd a dhìth" bhon BhBC

BBC ALBA
Image caption Tha co-chomhairleachadh a tha Urras a' BhBC a' cumail a' tighinn gu crìch Dihaoine.

Bu chòir dhan BhBC barrachd a dhèanamh airson BBC ALBA, a rèir Àrd-Stùiriche MG ALBA, is co-chomhairleachadh aig Urras a' BhBC mu na tha an dàn dhan BhBC a' tighinn gu crìch Dihaoine.

Tha Dòmhnall Caimbeul ag ràdh anns an iarrtas a tha MG ALBA a' cur a-steach don cho-chomhairleachadh, gum bu chòir dhan BhBC deich uairean de thìde de phrògraman Gàidhlig a thoirt dhan t-sianail san t-seachdain - naidheachdan aig an deireadh-sheachdain, prògraman ùra do chloinn agus comadaidh.

A' sgriobhadh ann an litir fhosgailte agus ann am blog, thuirt Mgr Caimbeul gu bheil feum aig a' BhBC, a tha a' toirt BBC ALBA chun an t-sluaigh ann an co-bhann le MG ALBA, barrachd a dhèanamh airson craolaidh Ghàidhlig.

Thuirt e nach bi am BBC a' cosg ach dìreach 0.3% den bhuidseat telebhisein aca air BBC ALBA, is gu bheil an t-àm ann an sùim àrdachadh.

Tha beachdan MG ALBA a' tighinn às dèidh do sheann chatharaiche na buidhne, Alasdair Moireasdan, crathadh agus ath-nuadhachadh iarraidh anns a' cho- bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC.

Tuilleadh air an sgeulachd seo