Tubaist-rathaid an Leòdhas

Chaidh duine a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist-rathaid air taobh siar Leòdhais.

Bha dìreach aon charbad san tubaist eadar Borgh agus Siadar.

Tha an rathad a-nise fosgailte.

Thathas den bheachd gun deach an duine a ghoirteachadh mun bhroilleach ach chan eil fhios dè cho dona 's a tha e.