£500,000 Eòrpach do chumhachd mhara

Inneal Pelamis
Image caption Chaidh a' chompanaidh Pelamis a bha cuideachd an sàs ann an cumhachd na mara fodha le fiachan luach nam milleanan notaichean.

Fhuair companaidh cumhachd mara an Alba còrr air £500,000 bhon Aonadh Eòrpach airson cuideachadh le bhith a' leasachadh nan innealan aca.

Thuirt Aquamarine Power gun tèid an t-airgead seo a chleachdadh ann an co-bhanntachd le luchd-rannsachaidh ann an Èirinn airson an uidheamachd aca a dhèanamh nas èifeachaiche.

Thàinig an naidheachd mu airgead a bharrachd do Aquamarine power is daoine bho ghnìomhachas cumhachd na mara a' coinneachadh airson co-labhairt ann an Inbhir Nis.

Thuirt a' bhuidheann a chuir a' cho-labhairt air adhart. Scottish Renewables, gun cuidich an taic-airgid le bhith a' toirt innealan na companaidh dhan mhargaidh, agus gu bheil e a' sealltainn gu bheil Alba aig teis-meadhain leasachaidhean sa ghnìomhachas.

Ach chan eil eachdraidh air an taobh. Chaidh a' chompanaidh Pelamis a bha cuideachd an sàs ann an cumhachd na mara fodha le fiachan luach nam milleanan notaichean.

Tha cuideachd teagamhan ann gum pàigh £500,000 airson an adhartais air a bheil feum airson an uidheamachd a thoirt a-mach às an deuchlainn gus airgead a chosnadh is cumhachd a chruthachadh.

Chan eil fios le cinnt nas motha cuin a thig leasaichean a tha san amharc aig Aquamarine faisg air Leòdhas is Arcaibh air adhart.