Crann-gaoithe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tha ceist air èirigh mu thuathan gaoithe air tìr

14 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt grunn bhancaichean nach toir iad iasadan do luchd-leasachaidh tuathan gaoithe air tìr ri linn 's gu bheil poileasaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air cùisean a dhèanamh cho mì-chinnteach.

Le subsadaidhean son tuathan gaoithe air tìr a' stad bliadhna nas tràithe na bha dùil an toiseach, tha ceist air eirigh an tèid tòrr de phròiseactan air adhart idir.

Ach tha beachd ann gu robh còir dùil a bhith ris a seo. A rèir cuid feumaidh an Riaghaltas dìon a chuir air pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd.

Tha an aithris-sa aig Aonghas Domhnullach.