Corp Lachlann Simpson ga dhearbhadh

Lachlann Simpson Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh corp Lachlainn a lorg ann an cala Whitehills, faisg air Banbh ann an Siorrachd Obar Dheathain, na bu thràithe air a' mhìos.

Chaidh a dhearbhadh gur e corp Lachlann Simpson a chaidh a lorg ann an cala ann an Siorrachd Obar Dheathain an t-seachdain seo chaidh.

Chunnacas Mgr Simpson, a bha 22 agus a bhuineadh do dh'Èireaboil, fhaicinn mu dheireadh aig dannsa ann an Dòrnach air 26mh an t-Iuchar.

Lorgadh a chorp ann an Cala Whitehills, faisg air Banbh, còrr air 70 mìle air falbh.

Thuirt teaghlach Mhgr Simpson gun robh iad air an "uabhasachadh" aig an naidheachd.

Ann am brath a dh'fhoillsich iad, thuirt iad gun robh iad riamh air a bhith dòchasach gun deadh a lorg slàn sàbhailte.

"Bha dòchas againn fad na h-ùine gun cluinneamaid a ghuth, 's gum faiceamaid fiamh a ghàire a-rithist.

"Bu mhath leinn ar taing a thoirt do Phoileas Alba, agus do na seirbheisean èiginneach eile, caraidean, càirdean, agus don choimhearsnachd air fad airson na h-oidhirp a rinn iad gus Lachlann a lorg, agus airson na taic a thug iad dhuinn.

"Is mòr leinn mar theaghlach an gràdh a chaidh a nochdadh don mhac is bràthair againn."