Obair an A9 a' tòiseachadh

An A9 faisg air Ceann na Creige. Image copyright Richard Webb/Geograph
Image caption An A9 faisg air Ceann na Creige, far a bheil an obair a' tòiseachadh.

Tha obair a' tòiseachadh air an A9 air a' Ghàidhealtachd a dhèanamh dà-fhillte.

'S ann air còig mìle den rathad deas air an Aghaidh Mhòir, eadar Ceann na Creige agus Dail Radaidh, a tha an obair a' tòiseachadh.

Bidh dusan earrannan sa phròiseict.

Air a' cheann thall, bidh an A9 air fad eadar Peairt is Inbhir Nis, a tha 110 mhìle a dh'fhaid, dà-fhillte.

Aig an ìre seo, chan eil ach mu 30 mìle den rathad eadar Peairt is Inbhir Nis dà-fhillte.

Cosgaidh an obair gu lèir £3bn is Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e a' phròiseict chòmhdail as motha a bh' ann an Alba a-riamh.

Cha bhi an obair air fad deiseil ge-tà gu 2025.

Tha cuid a' gearain gu bheil sin ro fhada, 's iad a' cur ìmpidh air an SNP an sgeama a chrìochnachadh nas luaithe na tha san amharc.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile