Bunaitean gan stèidheachadh an Leòdhas

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Dylan Macphee
Fo-thiotal an deilbh,
Camanachd Leòdhais a' farpais ri Both Fhleisginn an Lìog Tuath 2.

Dìreach beagan sheachdainnean às dèidh dhaibh comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh iomain a stèidheachadh às ùr san eilean, tha Camanachd Leòdhais a' sìor leantainn orra leis an spòrs a fhreumhachadh sa choimhearsnachd.

Tha moladh mòr air a dhol air a' chluba airson mar a dhèilig iad ri gach cnap-starra a bha mun coinneamh bho thòisich iad Lìog Tuath 3 ann an 2011.

Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh ma thà na Leòdhasaich fhaicinn an-dràsta nan suidhe gu comhfhurtail ann am meadhan Lìog Tuath 2, a dh'aindeoin ceistean bho chuid aig toiseach an t-seusain mu mar a rachadh leotha am measg sgiobaidhean as làidire.

'S e cluba a tha seo a bha mothachail bho thùs ge-tà air na laithean ri tighinn, gu dearbh 's ann le sùil air an òigridh is brosnachadh a thoirt dhaibh a cho-dhùin iad an ceum dhan lìog ann an 2011 a ghabhail.

Tha iad a-nise air ceum eile a ghabhail aig ìre òigridh le farpais iomain ùr ga stèidheachadh ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh.

Lìog

'S e lìog a bhios ann le sgioba aig gach diofar taigh-sgoile sa bhun-sgoil.

Dha na Leòdhasaich, 's e an rud as fheàrr mu dheidhinn gur e iarrtas bho na sgoilearan fhèin 'son iomain a bu choireach gum bi an lìog ann.

'S e muinntir a' chluba a bhios a' stiùireadh na lìge is trèanadh.

"Tha 40 co-dhuibh, 's dòcha barrachd, ag iarraidh iomain a dhèanamh. Tha e mìorbhaileach", thuirt Manaidsear Chamanachd Leòdhais, Iain Mac na Ceardaich.

Tha Iain a' gabhail ris gur e an dùbhlan dèanamh cinnteach gun cùm an òigridh a' dol leis an spòrs, cho math ri iomain a bhrosnachadh ann am bun-sgoiltean eile an eilein.

Farpaisean

'S e a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi farpaisean ann dhan òigridh ann an iomain aon dòigh air sin a dhèanamh.

"Feumaidh tu a bhith ag obair gu math cruaidh nuair a tha iad a' ruighinn àrd-sgoil oir tha iad a' faighinn cothrom tòrr spòrsan eile a dhèanamh le co-fharpaisean, gu h-àraidh mar a tha ball-coise san eilean", thuirt e.

Tha dìth fharpais air bualadh air a' chiad sgioba fhèin bho chionn ghoirid le Loch Abar is Cill Mhàillidh air tarraing a-mach à geamaichean ann an Leòdhas anns na beagan sheachdainnean a chaidh.

'S e rud a tha sin air am feum Comann na Camanachd fhèin coimhead oir feumaidh cothrom air geamaichean cunbhalach a bhith ann 'son an fheadhainn òg an Leòdhas is na Hearadh a tha a' taghadh iomain.

Ceithir bliadhna às dèidh do Chalum Stamper eachdraidh a dhèanamh leis a' chiad tadhal lìge aig Camanachd Lèodhais ge-tà, faodaidh an cluba a bhith misneachail gu bheil freumhan làidir gan stèidheachadh airson nam bliadhnaichean ri tighinn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh