Leasachadh ann an Loch Àlainn

Thèid taighean ùra a thogail ann an Loch Àlainn anns a' Mhorbhairne a bhios ri fhaighinn air prìs reusanta às dèidh do chompanaidh leasachaidh na sgìre£127,000 fhaighinn bho Stòras an Fhearainn.

Ceannaichidh a' bhuidheann dà phìos fearainn faisg air meadhan Loch Alainn 's iad ag amas air ochd taighean, ionad taigheadais do sheann daoine, ostail do luchd-turais agus ionad dualchais le bùth na chois a thogail.

Thuirt fear-labhairt na buidhne, Aonghas Robasdan, gu bheil iad ag iarraidh gum bi taigheadas sònraichte ann do sheann daoine gus nach bi aca ris an sgìre fhàgail.

Dh'fhaodadh sin, tha e ag ràdh, taighean nas motha a shaoradh do theaghlaichean òg a dh'iarradh gluasad a-steach dhan sgìre.

Chaidh £1.2m a thoirt seachad uile gu lèir le Stòras an Fhearainn do bhuidhnean ann an Siorrachd Obar Dheathainn, Siorrachd Adhair a Tuath, air a' Ghàidhealtachd agus ann an Lodainn an Iar.

Am measg sin bha Companaidh Leasachaidh Sgobhairidh, ann an Dùthaich MhicAoidh, a fhuair £54,000 mu choinneimh phlanaichean airson a' chiad geopark ann an Alba a thogail.

Chaidh £224,000 a thoirt seachad cuideachd airson seann choille Ghlinne Garradh a chur fo smachd na coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile