Comhairlichean Gàidhealach a' coinneachadh ri Blythswood

Fògarraich à Siria
Image caption Dh'fhaodadh sgilean meidigeach a bhith aig cuid de na fògarraich a ghabhadh cur gu feum air a' Ghàidhealtachd.

Coinnichidh buill de Chomhairle na Gàidhealtachd ris a' charthannas Blythswood a bhruidhinn air na 's urrainn dhaibh a dhèanamh airson in-imrichean a chuideachadh.

Dhearbh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Diluain gun gabh iad suas ri 20,000 fògarrach à Siria ro 2020 agus tha Riaghaltas na h-Alba air buidheann-ghnìomha a stèidheachadh a bhios a' coimhead ris a' ghnothach.

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' coimhead ris an taic phractaigich a bhiodh a dhìth a thaobh taigheadais agus seirbheisean sòisealta.

"Sgilean feumail"

Tha Ceannard na Comhairle, Màiread Davidson, a' dèanamh dheth gum faodadh in-imrichean Sirianach le sgilean meidigeach feum mhòr a dheanamh ann an sgìrean dùthchail air a' Ghàidhealtachd far a bheil e a' faileachadh orra luchd-obrach gu leòr fhastadh.

"Tha luchd-proifeasanta air na trèanaichean a tha a' dèanamh air a' Ghearmailt às an Ungair, tha proifeasantaich glacte ann an campaichean fògarrach timcheall an t-saoghail agus feumaidh sinn na poileasaidhean bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba agus sìos chun nan comhairlean ionadail a leigeas leinn faicinn a bheil daoine ann a dh'fhaodadh ar cuideachadh".

Tha i ag ràdh nach eil adhbhar sam bith ann nach fhaodadh iad na fògarraich a chuideachadh, agus aig a' cheart àm a bhith a' coimhead ris na sgilean a th' aca a ghabhadh a bhith air an cur gu feum air a' Ghàidhealtachd.

Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu Riaghaltas na h-Alba agus gu buidheann-riochdachaidh nan Comhairlean, COSLA, a' gealltainn an làn-taic a thoirt don iomairt gus na fògarraich a chuideachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile