Caladh Loch Baghasdail "na chiad cheum"

Caladh ùr Loch Baghasdail Image copyright Picasa
Image caption Chosg an leasachadh £10m, agus tha e a' toirt ghoireasan a bharrachd do dh'iasgairean na sgìre, a thuilleadh air luchd-iachta a bhios a' tadhail.

Thuirt Cathraiche Stòras Uibhist gu bheil feum air an tuilleadh leasachaidh, feuch làn-bhuannachd fhaighinn à Caladh ùr Loch Baghasdail.

Chaidh an caladh fhosgladh gu h-oifigeil Disathaire leis an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinnney.

Tha Aonghas MacIlleMhaoil ag ràdh ge-tà, nach eil ann an seo ach toiseach-tòiseachaidh, is gum bi feum air an tuilleadh taic-airigid bho Riaghaltas Mhgr Swinney is eile gus an ath-phìos den phròiseact a ghluasad air adhart.

"An ìre aig a bheil e an-diugh, chan eil sin ach a' chaid cheum," thuirt Mgr MacIlleMhaoil.

Iarrtas Coimhearsnachd

"Mura bi ann ach seo, chan eil sìon ann a mhaireas agus a nì am feum a tha a h-uile duine ag iarraidh.

"S e sin daoine a chumail anns an àite, agus obraichean a chruthachadh.

"Ach aig an ìre aig a bheil sinn an-dràsta, tha sinn cus cus nas fhaide air aghaidh na bha sinn o chionn dusan bliadhna," thuirt e.

Tha Mgr MacIlleMhaoil ag iarraidh gun obraich an Riaghaltas còmhla ri Stòras Uibhist gus an leasachadh a thoirt chun na h-ath-ìre.

"'S e sin gun tig Mgr Swinney fhèin, 's an Riaghaltas, còmhla ris a' Chomhairle agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a-steach còmhla rinne, airson buidheann a chur air aghaidh airson am pròiseact a tha sin a thoirt air aghaidh," thuirt e.

Tha Mgr Swinney ag ràdh, an dèidh dha an t-adhartas a rinneadh thuige seo fhaicinn, gum faodadh an Riaghaltas a bhith deònach coimhead air pròiseact leasachaidh lèirsinneach eile.

"'S e na bhrosnachainn, iarrtas coimhearsnachd. Agus 's urrainn dhomh dearbhadh don choimhearsnachd gu bheil an Riaghaltas deònach coimhead ri molaidhean math, seasmhach, mar fheadhainn ris am faod sinne taic a chur, gus an còrr chothroman leasachaidh fhosgladh suas don choimhearsnachd.

"Saoilidh mi gu bheil na pròiseactan seo gu math cudromach.

"'S ann tro a bhith a' cur ri chèile "jigsaw maoineachaidh" a thig iad gu bith gu bràth, agus coimheadaidh an Riaghaltas gu mionaideach ri molaidhean sam bith den leithid sin.

"Ach cha thachair iad sin idir mura bi iarrtas coimhearsnachd ann. Cha ghabh sin cruthachadh sa h-uile àite, ach tha e gu math pailt an seo," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo