Port ùr Loch Baghasdail ga fhosgladh gu h-oifigeil

Leasachadh Cidhe Loch Baghasdail Image copyright Stòras Uibhist
Image caption Tha a' phròiseict air goireasan ùra mara agus chur-seachadan a chruthachadh, am measg eile.

Fosglaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Iain Swinney port ùr Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, a chosg £10m, Disathairne.

Chaidh a' phròiseict mhòr ath-leasachaidh a thoirt air adhart leis a' bhuidhinn choimhearsnachd Stòras Uibhist.

Tha a' phròiseict air goireasan ùra mara agus chur-seachadan a chruthachadh, le fearann fa leth ann dha leasachaidhean coimearsalta, coimhearsnachdan agus taighean-còmhnaidh an Loch Baghasdail.

Chaidh dà chabhsair agus dà bhalla-fasgaidh ùr a chruthachadh mar phàirt den phròiseict, cho math ri rathad ùr eadar Rubha Bhuailte is Eilean Ghàsaigh, cidhe iasgaich, laimrig, pontùnaichean agus goireasan dha luchd nam bàtaichean - an dà chuid iasgairean agus luchd-turais.

Taic

Fhuair a' phròiseict taic-airgid bho dhiofar mhaoinean.

Fhuaireas a' chuid a bu mhotha den thaic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Tha HIE air taic a chumail ris a' phròiseict tro na diofar cheumannan eadar sgrùdaidhean mionaideach rannsachaidh, an obair-dheilbh agus thug iad seachad tabhartasan luach £5m uile gu lèir.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air £625k a chur ris, le taic eile a' tighinn bho Mhaoin Leasachaidh Sgìreil na h-Eòrpa (ERDF), Riaghaltas na h-Alba agus bhon Chrannchur Nàiseanta.

Iain Swinney

Thuirt Mgr Swinney: "Cuiridh port ùr Loch Baghasdail gu mòr ri eaconamaidh nan Eilean Siar, le cuideachadh ga thoirt dha turasachd agus gnìomhachasan is iad a' fàs - fàs a bheir buannachdan gu buil a chum maith na coimhearsnachd air fad.

"Is mi an-diugh a' fosgladh a' phuirt seo, bu mhath leam mo thaing a thoirt do Stòras Uibhist, do HIE agus do bhuidhnean eile airson na h-obrach a tha iad an dèidh a dhèanamh gus am iomart a thoirt chun na h-ìre seo, a' cruthachadh bhuannachdan mòra dha muinntir Uibhist a Deas is dha na h-Eileanan Siar gu lèir."