Trì là airson Belladrum

Fèis Bhelladrum Image copyright BBC Alba
Image caption Bidh Belladrum 2016 a' gabhail àite air an 4mh, 5mh agus 6mh den Lùnastal.

Thèid fèis chiùil Bhelladrum a chumail thairis air trì là a-rithist an ath-bhliadhna.

Chaidh an fhèis, a tha air a cumail ann am Beul Atha an Droma faisg air a' Mhanachainn, a leudachadh bho dhà là gu trì am-bliadhna.

Bidh Belladrum 2016 a' gabhail àite air an 4mh, 5mh agus 6mh den Lùnastal.

Bha na Proclaimers, Manic Street Preachers agus na Kaiser Chiefs am measg nam prìomh chòmhlan a chluich aig Belladrum am-bliadhna.

Nuair a dh'fhosgail an fhèis Oidhche Ardaoin am-bliadhna bha Fèill Àiteachais an Eilein Duibh a' dol agus dh'fhàs na rathaidean cho trang 's gun deach maill mhòr a chur air trafaig.