Rannsachadh aig Colaiste Inbhir Nis

Colaiste Inbhir Nis Image copyright Peter Bond/Geograph
Image caption Chan eil an togalach ga chleachdadh tuilleadh, agus a' cholaiste air gluasad gu làraich ùir o chionn ghoirid.

Chuir Colaiste Inbhir Nis rannsachadh air dòigh an dèidh dha tighinn am follais gun deach clàran le fiosrachadh mu oileanaich fhàgail ann an seann togalach na colaiste air Rathad Longman sa bhaile.

Ghluais a' cholaiste dhan làraich ùir aig an Fhaidhbhealach air a' mhìos seo chaidh.

Is coltach gun deach clàran fhàgail le fiosrachadh leithid seòladh puist-dealain agus àireamhan àrachais nàiseanta feadhainn de na h-oileanaich.