Campa ann an Calais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic Gàidhealach do dh'inimrich

2 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha biadh is aodach ga chruinneachadh tro mheadhanan sòisealta air a' Ghàidhealtachd do dh'inimrich a tha a' campachadh ann an Calais anns an Fhraing.

Chuir aon nurs òg à Inbhir Nis teachdaireachd a-mach air Facebook, agus ann am beagan uairean a thìde bha na ceudan a' tabhainn stuth air.

'S tha e a-nis air faighinn a-mach gu bheil feadhainn eile anns a' cheann a tuath a' dèanamh an aon rud.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.