BBC Naidheachdan

Dìon a' chait-fhiadhaich

Published
image captionTheab cait-fhiadhaich a dhol à bith anns an Rìoghachd Aonaichte anns an 19mh linn.
Chaidh làrach-lìn ùr fhoillseachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt den iomairt gus càit-fhiadhaich na dùthcha a dhìon.
Thathas ag iarraidh air muinntir na Gàidhealtachd a chì na beathaichean sin a chlàradh air an làraich-lìn, agus faodaidh iad cuideachd cuideachadh le obair ghlèidhteachais.
Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, an Dtr. Aileen NicLeòid, gur e an cat-fiadhaich fear de na beathaichean as motha a th' ann an cunnart ann an Alba agus gum feum gluasad a bhith ann anns an aithghearrachd airson an dìon.
Thèid mu 400 camara a chur an sàs ann an àitean far a bheil na cait-fhiadhaich a' tighinn beò airson tomhais nas fheàrr fhaighinn air na th' ann dhiubh.
'S e a' Ghàidhealtachd an aon sgìre den Rìoghachd Aonaichte far am faicear cait-fhiadhaich fhathast às dèidh mar a theab iad a dhol à bith anns an 19mh Linn.
'S e mar a bha iad a' briodadh le cait àbhaisteach, galairean agus mar a tha an àrainneachd aca air atharrachadh a tha gan cur ann an cunnart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Cùmhnadh nan Cat-fiadhaich