Luchd-iomairt fearainn air coinneachadh an Ìle

Tobhtaichean ann an Ìle Image copyright Geograph / Becky Williamson
Image caption Bha tachartasan a' gabhail àite air feadh na h-Alba mar phàirt den fhèis.

Tha Fèis air a bheil 'Ar Tìr' a' dol ann an diofar àiteachan air feadh Alba an-dràsta is cuid den bheachd nach eil Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a' dol fada gu leòr.

Mar phàirt den fhèis, chuir buidheann ann an Ìle turas air dòigh gu ruige baile a chaidh fhàgail aig àm nam Fuadaichean.

"Tha sin air a' chiad cheum a ghabhail air rathad gu math fada, agus tha mi cinnteach gum bi e duilich, air ais gu fearann a bhith ann an làmhan mhuinntir an àite," thuirt Neil Oliver.

"Leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach dè tha sa bhile, ach tha an t-eagal orm nach bi iad ag iarraidh a h-uile rud a bu chòir dhaibh a bhith ag iarraidh.

Teagamh is Eagal

"Tha mi a' smaointinn gu bheil fhathast beagan eagail air luchd-poileataigs ro na h-uachdarain.

"Tha na h-uachdarain air a bhith os cionn ghnothaichean cho fada 's gu bheil na h-Albannaich car teagmhach mu na còirichean aca.

"Chan eil gu leòr anns a' bhile, fhad 's a chì mise," thuirt e.

Tha Bile an Fhearainn a' cur air adhart gu bheil dleastanas air uachdarain fearann a chleachdadh a chùm maith na coimhearsnachd, agus e ag ràdh gum biodh cumhachd aig an Riaghaltas fearann a cheannach bhuapa nam biodh iad a' cur bacadh air leasachadh eaconamach a bhiodh a chùm maith na coimhearsnachd.

Ach tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil am bile a' dol fada gu leòr, ri linn 's nach eil e a' cur crìche air na dh'fhaodas a bhith aig duine no aig buidhinn de dh'fhearann - rud a bheireadh air uachdarain fearann a reic.

Tha a' bhuidheann Fearann is Oighreachdan na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan uachdaran, ag ràdh gu bheil na h-oighreachdan riatanach ann a bhith a' cur air adhart leasachaidhean eaconamach air an tuath, 's gu bheil iomadh cosnadh a' crochadh orra.

Chan eil Mgr Neil ag aontachadh ge-tà.

"Dìreach a' coimhead mun cuairt oirnn an seo, chan eil seo gu mòran feum do dhuine sam bith," thuirt e.

"Tha na gobhair agus crodh an siud 's an seo - chan eil mòran dhiubh sin ann.

Còirichean

"Ach 's e àite torrach a tha seo. Dh'fhaodadh daoine a bhith a' fantail an seo. Dh'fhaodadh tuathanas a bhith an seo.

"Dh'fhaodadh tòrr a bhith a' tachairt an seo, agus dh'fhaodadh a' choimhearsnachd a bhith a' faighinn tòrr buannachd a-mach às an àite seo. Ach chan eil sinn a' faighinn dad an-dràsta," thuirt e.

Tha cuid de thuathanaich ann an Ìle draghail gu bheil am fearann aca air màl fad bliadhna a-mhàin, rud a tha a' cur bacadh orra bho a bhith a' cur leasachaidhean an sàs.

"Fhad 's a tha fhios agam tha sin fìor," thuirt Mgr Neil.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-uachdarain ag iarraidh am fearann a thoirt air ais nan làmhan fhèin, air eagal 's gum bi rudeigin ann far am bi còirichean aig tuathanaich am fearann a cheannach.

"Ma gheibh iad am fearann air ais iad fhèin, cha bhi iad a' call an fhearainn mar sin.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn rudeigin nas bunaidiche airson na h-uachdarain mhòra a bhriseadh suas gus am bi còir aig a h-uile duine air pìos fearainn fhaighinn," thuirt e.