Arcaich a' tadhail air Horsiadar

Bha riochdairean bho Urras Coimhearsnachd Westray ann an Arcaibh air turas a Leòdhas agus na Hearadh an t-seachdain seo airson barrachd ionnsachadh mu na tha urrasan an sin a' dèanamh le teachd-a-steach bho chumhachd ath-nuadhachail.

Mar phàirt den turas, chaidh iad a dh'fhaicinn Urras Coimhearsnachd Horsiadair, far am faca iad am pròiseact a tha a' fàs lusan is measan sa choimhearsnachd.

Ach dh'ionnsaich na Leòdhasaich bho na h-Arcaich cuideachd.

"Bha sinn dìreach a' bruidhinn air ais 's air adhart mu dheidhinn cò ris a bha e coltach a bhith ag obair ann an coimhearsnachd, 's dè seòrsa trioblaid a bh' againn, 's dè seòrsa phròiseactan a bha sinn a' cur air dòigh anns na sgìrean againn fhìn," thuirt Angela NicLeòid bho Urras Horsiadar.

"Dh'ionnsaich sinn tòrr bhuapasan. Tha iad gu math fosgailte, 's tha e iongantach cho coltach 's a tha sinn ri chèile, agus dè na feumalachdan a th' aig na sgìrean, gu bheil iad gu math coltach ri chèile.

"Fear de na rudan a dh'ionnsaich sinn bhuapasan, 's a tha sinn a' dol a thoirt dhan bhòrd againn fhìn, 's e dè dìreach a tha a' dol a thachairt nuair a thig beatha a' chrainn-ghaoithe gu crìch, agus gum bi airgead ann mar dhìleab," thuirt i.