Cùirt Inbhir Nis gus gluasad?

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Thinkstock
Image caption Tha Cùirt an t-Siorraim air a bhith stèidhichte sa chaisteal o chionn bhliadhnaichean mòra - ach tha tarraing mhòr aig an togalach, agus a chuid seallaidhean, air luchd-turais.

Tha na tha an dàn do Chaisteal Inbhir Nis, agus na goireasan cùirte a th' ann an-dràsta, air ais fon phrosbaig às dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd airgead fhaighinn bho Riaghaltas Westminster airson leasachadh a dhèanamh ann.

Chaidh a dhearbhadh Dimàirt gum faigh Comhairle na Gàidhealtachd £3m, mu choinneimh dà phròiseict ann am meadhan Inbhir Nis: lìonra wi-fi poblach, agus sgìre a' chaisteil a sgeadachadh.

Tha buidheann-obrach an-dràsta a' coimhead air a' chùis.

Tha Cùirt an t-Siorraim air a bhith stèidhichte sa chaisteal o chionn iomadh bliadhna.

Thuirt tè-gnìomhachais anns a' bhaile gur e a' chùirt a ghluasad a-mach às an togalach an rud a b' fheàrr a ghabhadh a dhèanamh airson a dhèanamh tarraingeach do luchd-turais.

"Gu math tric. Gach seachdain trom t-Samhradh tha tòrr dhaoine anns a' bhùth seo, agus tha ceistean aca mu dheidhinn a' chaisteil, agus feumaidh mi a ràdh "tha mi duilic ach chan eil e ceadaichte a dhol a-steach air sgàth 's gur e taigh-cùirte a th' ann," thuirt Denise Collins, aig a bheil bùth ealain air Sràid a' Chaisteil.

"Bu chòir barrachd airgid a bhith ann airson Cùirt an t-Siorraim a ghluasad gu àite eile, gus am bith àite nas snuige airson an luchd-turais anns a' chaisteal," thuirt i.

B' e Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, a dh'fhoillsich an t-airgead ùr, 's e a' tadhail air a' chaisteal.

"Tha an caisteal air a bhith na thaigh-cùirte a' chuid as motha den ùine a tha e air a bhith ann," thuirt e.

"Ach saoilidh mi a-niste gu bheil cothrom na lùib buannachd tòrr nas motha a thoirt don sgìre, leis an turasachd."

Thuirt Seirbheis Cùirte na h-Alba gu bheil iad deònach gluasad a-mach às a' chaisteal ma thèid an gluasad sin a mhaoineachadh.

"Tha Seirbheis Cùirte na h-Alba air an riochdachadh air buidhinn-obrach a tha a' coimhead ri Caisteal Inbhir Nis a chleachdadh ann an dòighean eile," thuirt labhraiche on t-seirbheis.

"'S e am modal as fheàrr leinne, ionadan ceartais sònraichte a stèidheachadh ann an àiteachan leithid Inbhir Nis.

"Nan deadh maoineachadh fhaighinn air a shon, tha sinn a' smaoineachadh gum faigheadh Inbhir Nis buannachd mhòr à ionad ceartais."

Cha tuirt an t-seirbheis cùirte ge-tà, cuin a dh'fhaodadh sin tachairt, ach gun robh a' chùis aig ìre thràth fhathast a thaobh na ghabhadh a dhèanamh agus cuin.

Cha tuirt iad a bharrachd dè dh'fhaodadh e a chosg.