£490,000 do thuathanas-eisir am Barraigh

Eisir
Image caption Tha dùil gun tòisichear a' buain eisirean an ath-bhliadhna

Fhuair tuathanas-eisir ùr ann am Barraigh £490,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Leis an airgead ceannaichidh "Tràigh Mhòr Oysters" uidheamachd ùr, leithid sgothan, ròpaichean agus innealan airson na h-eisirean a thomhais.

Thuirt Dòmhnall MacLeòid bhon chompanaidh gur e seo a' chiad turas a chaidh feuchainn ri eisirean a bhuain ann am Barraigh aig ìre choimearsalta.

'S e an dòchas a th' aca air a' cheann thall ach gun tèid aca air cuid de na h-eisirean a reic thall-thairis.

"Airson gealltanas a thoirt do mhargaidh sam bith gum bi leithid seo agad a h-uile seachdain, feumaidh tu a bhith a' suidhe air an t-uabhas stuic ... 's gu bheil thu an uair sin dol a dh'fhaighinn prìs beagan nas fheàrr ma 's urrainn dhut an gealltanas a thoirt seachad gum bi e agad a h-uile seachdain den bhliadhna".

Luchd-obrach

Bha sianar ag obair aig a' chompanaidh fad an t-Samhraidh, ach dh'fhaodadh gun lùghdaich an àireamh sin beagan tron Gheamhradh.

Tha dòchas aca ge-tà, gum bi tuilleadh luchd-obrach a dhìth orra an ath-bhliadhna.

Thug na bh' ann de dh'uisge as t-Samhradh buaidh air na h-eisirean 's cha tàinig uimhir de dh'fhàs orra.

Tha a' chompanaidh an dùil gun tòisich iad gam buain an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile