£3m a' tighinn a dh'Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Rùnaire na h-Alba Dimàirt gum faigh baile Inbhir Nis £3m bho Riaghaltas Westminster 'son leasachaidhean a dhèanamh sa bhaile.
Thàinig an naidheachd 's Dàibhidh Mundell a' coinneachadh ri ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd Dimàirt.
Leigidh an t-airgead le Comhairle na Gàidhealtachd a dhol air adhart le planaichean leasachadh a dhèanamh air an àrainn mun cuairt air Caisteal Inbhir Nis.
Tha a' Chomhairle mar-thà air plana fa-leth a thòiseachadh gus an tùr a tuath a leasachadh mar ghoireas turasachd.
Tha iarrtas ann ge-tà gun gluaiseadh seirbheis nan cùirtean a-mach às an togalach, airson goireas turasachd ceart a dheanamh dheth.
Thèid airgead riaghaltais cuideachd a chosg air pròiseact airson lìonra wi-fi a bhiodh an-asgaidh dhan phoball a chruthachadh anns a' bhaile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 An Dùbhlachd 2014