Cobhair ga dhèanamh air Scouts

Trotternsih
Image caption Bha na teantaichean is uidheamachd aca bog fluich

B'fheudar cobhair a dheànamh air buidheann scouts às a' Ghearmailt, 's iad a' coiseachd ann an Sgìre Thròndairnis anns an Eilean Sgiathanach ann an droch aimsir.

Ghortaich fear dhiubh adhbhran.

Chaidh esan a' thoirt le heileacoptair gu Ospadal nan Eilean ann a Steòrnabhagh oidhche Dhiardaoin.

Choisich sgioba teasargain beinne an eilein dhan àite far an robh na scouts a' campachadh agus chaidh iadsan cuideachd a thoirt a-mach air heileacoptair.

Fuachd

Bha 14 dhuibh ann eadar 14 agus 22 bliadhna dh'aois - balaich is nigheanan.

Chaidh iad uile a thogail ro naoi uairean madainn Dihaoine, slàn sàbhailte ach fuar is fliuch.

Thugadh a dh'aonad na Croise Deirge anns a' Chaol iad, airson biadh is comhfhartachd.

Fhuair iad an cothrom fònadh dhachaigh son bruidhinn ri na teaghlaichean aca.

Chan eil fhios dè cho fad 's a bhitheas iad 'sa Chaol, ach thuirt tè-labhairt na Croise Deirge, Anne Eadie gu bheil goireasan gu leòr aca ma tha'd son fuireach an oidhche.