Aonadh Eòrpach a' reothadh taic-airgid

Tha an t-Aonadh Eòrpach air stad a chur air £5m de thaic-airgid airson pròiseactan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, 's iad ag ràdh gu bheil mearachdan anns an dòigh anns a bheil Riaghaltas na h-Alba ga chosg.

Bha £45m uile gu lèir gu bhith a' tighinn a dh'Alba, ach chuir an AE casg air, mar thoradh air nach eil iad riaraichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt piseach air cùisean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad na chaidh iarraidh orra leis an AE, agus nach tèid sgillinn den airgead a chall.