Cead Comhairle do dh'àrd-sgoil ùir san Òban

An t-Òban Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh air Buidhinn na Slàinte 's na Sàbhailteachd gu bheil an làrach ro fhaisg air ionad-stòraidh gas.

Tha àrd-sgoil ùr dhan Òban ceum nas fhaisge, an dèidh do chomhairlichean cead a thoirt don phròiseact, a chosgas £24m, aig coinneimh Diciadain.

Ach 's ann aig ministearan Riaghaltas na h-Alba a tha am facal mu dheireadh, ri linn 's gu bheil Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd air cur na h-aghaidh.

Tha dragh air a' bhuidhinn gu bheil an làrach air an deadh an sgoil a thogail ro fhaisg air ionad-stòraidh gas le Scottish Gas Networks air Rathad Loch a' Mhuilinn.

Tha iad ag ràdh gu bheil cunnart mar sin, nan tachradh tubaist aig an làraich sin, gum biodh "ball mòr teine" ann a dh'fhaodadh daoine a ghoirteachadh no a mharbhadh.

Ma thèid cead deireannach a thoirt don sgoil ùir, dh'fhaodadh gun tòisich obair air a bhith ga togail nas fhaide am-bliadhna, le dùil gum biodh e deiseil as t-Earrach 2017.