Gearan mun phàirceadh san Eilean Sgitheanach

A' Chuireang Image copyright Thinkstock
Image caption Tha A' Chuireang am measg àiteachan far an robh trioblaid le droch phàirceadh.

Tha na Poilis a' gearain air trioblaid le parcadh chàraichean aig làraichean air am bi luchd-turais a' tadhail anns an Eilean Sgitheanach.

Ged a tha fàilte a' dol air luchd-turais san eilean, tha dragh air nochdadh mun phàirceadh aig cuid dhuibh.

Tha e coltach gu bheil feadhainn air a bhith a' fàgail an càraichean gu mì-laghail air agus ri taobh an rathaid aig àiteachan mar Glumagan nan Sìthichean an Coire na Creiche, an Stòrr agus A' Chuireang.

Dh'fhàg sin gun robh maille a' dol air trafaig eile san eilean.

Chuir na Poilis san eilean rabhadh air Twitter gum faodadh iad càraichean a thoirt air falbh ma thèid am fàgail ann an àite a tha a' cur bacadh air trafaig.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile