Sgoil Ghàidhlig ùr an Loch Abar
- Air fhoillseachadh

'S e là eachdraidheil a th' ann an Loch Abar agus Bun-sgoil Ghàidhlig na sgìre a' fosgladh a dorsan gu sgoilearan airson a' chiad uair.
Chosg an sgoil ùr, a tha suidhichte air Rathad Àird Dhobhair anns a' Chaol, mu £7.5m.
'S e a' chiad bhun-sgoil ùr à ceithir a tha gan togail ann an sgìre a' Ghearasdain.
Tha 70 sgoilear air a dhol dhan sgoil ùr an-diugh.
Feum
Thuige seo, bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile ri fhaighinn ann an aonad ann am Bun-sgoil Chaitligeach a' Ghearasdain, is tha pàrantan ag ràdh gur e ceum mòr air adhart a th' ann gu bheil sgoil Ghàidhlig a-nise aca.
Tha ceithir seòmraichean teagaisg san sgoil le cothrom a' cheart uimhir a bharrachd a chur rithe nam biodh feum air san àm ri teachd.
Chaidh Iain Iòsaph MacNèill ainmeachadh roimhe mar cheannard na sgoile.
Bha Mgr MacNèill, à Barraigh, roimhe na thidsear aig Bun-Sgoil Achadh na Creige san Òban is Bun-Sgoil Bheinn Chamshroin ann an Cille Bhrìghde an Ear.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun dèan an sgoil ùr feum mòr dhan Ghàidhlig ann an Loch Abar, agus gur e goireas air leth a bhios innte dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig a thogail roimhe ann an Inbhir Nis is chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad anns t-Samhradh 'son tè a thogail ann am Port Rìgh cuideachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 An Lùnastal 2015
- 29 An Cèitean 2014
- 10 An t-Ògmhios 2015