Sgioba snàmh Hiort air na Hearadh a' ruighinn

Luchd-snàimh le sgioba taic a' dèanamh air Hiort. Image copyright Grab
Image caption Luchd-snàimh le sgioba taic a' dèanamh air Hiort.

Ràinig seachdnar luchd-snàimh na Hearradh air cùl trì uairean feasgar dimàirt, 's iad air an treas oidhirp aca am-bliadhna gus snàmh eadar Hiort agus na Hearadh.

Thug e 35 uairean a thìde, 55 mìle a shnàmh agus chaidh maill a chur orra aig deireadh gnothaich air sgàth sruth làidir bho thuath.

Thàinig orra an cuid phlanaichean a leigeil seachad anns a' Chèitean agus anns an Òg-Mhìos air sgàth na sìde.

An-uiridh, b' fheudar dhaibh oidhirp eile a leigeil seachad às dèidh dhaibh 24 mìle den t-slighe, a tha 60 mìle de dh'fhaid, a shnàmh.

Carthannas

Dh'fhàg an sgioba-snàimh, a bha a' dol dhan uisge duine mu seach agus a tha a' cruinneachadh airgid do charthannas, Hiort tràth sa mhadainn Diluain.

Ràinig iad Hùisinis cùl 1500 Dimàirt, tòrr nas tràithe na bha iad an dùil.

Bha iad a' sùileachadh na Hearadh a ruighinn mu 22:00.