Uidheaman-foille air Ghàidhealtachd

Thug Poilis na h-Alba rabhadh seachad gun deach uidheaman-foille a lorg air innealan ATM ann an Inbhir Nis, an Cille Chuimein agus anns an Aghaidh Mhòir air an deireadh-sheachdain.

Bidh eucoirich gan cleachdadh gus fiosrachadh fhaighinn bho chairtean dhaoine gun fhiosta dhaibh.

Dh'iarr na Poilis air a' mhòr-shluagh an aire a thoirt nuair a tha iad a' tarraing airgid agus dèanamh cinnteach nach eil càil amharasach mu innealan ATM.