Cùram slàinte "mì-iomchaidh"

Cùram
Image caption Ro 2037 tha dùil gum bi cha-mhor ceithir a-mach à deich de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar nas sine na 65.

Chan eil cùram slàinte do sheann daoine ann an sgìrean dùthchail iomchaidh airson nam bliadhnaichean ri teachd, a rèir aithisg bho Cholaiste Rìoghail nan Nursaichean.

Thathas a' cur air adhart sreath de mholaidhean do Riaghaltas na h-Alba, a thaobh cùram a thoirt nas fhaisge do dhachaighean dhaoine, a choileanadh.

Anns an rannsachadh aca thuirt a' Cholaiste gum bi, ro 2037, cha-mhor ceithir a-mach à deich de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar nas sine na 65.

Tha iad a' cumail a-mach gum bu chòir barrachd aire a thoirt do luchd-obrach a bhith nas sùbailte a thaobh gluasad mun cuairt, barrachd fhaighinn bho theicneòlas nas adhartaiche, agus dreuchdan àrd-nursaichean a leasachadh.

Ann am brath thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gun cuidicheadh an dòigh adhartach a tha Comhairle na Gàidhealtachd agus NHS na Gàidhealtachd a' feuchainn ri slàinte agus cùram sòisealta a thoirt còmhla ann a bhith a' dèiligeadh ri sluagh a tha a' fàs nas sine.