Mòd an Òbain air fàire

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha dùil ri seachdainn gu math trang anns an Òban

Tha luchd-cuideachaidh gan sireadh anns an Òban agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tarraing dlùth.

Tha mu 100 duine gan sireadh airson taic a chuir ri obair na comataidh ionadail agus airson cuideachadh tro sheachdainn a' Mhòid fhèin.

Thathas an dòchas daoine fhaighinn a bhios nan tosgairean airson a' Mhòid, gus am bi a' Ghàidhlig follaiseach anns a' bhaile fhad 's a tha am Mòd a' gabhail àite.

Bidh Mòd an Òbain ann eadar an 9mh agus an 17mh là dhen Dàmhair.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh