Neach-turais a dhìth san Eilean Sgitheanach

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd a' feuchainn ri lorg fhaighinn air neach-turais a chaidh a dhìth anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh Kamai Yusuke fhaicinn mu dheireadh mu 08:30m Disathairne.

Tha Mgr Yusuke eadar 35 agus 45 bliadhna de dh'aois.

Tha e timcheall air 5'6" de dh'àirde, caol le falt dubh, agus bidh speuclairean air.

Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fios a chur chun nam Poileas.