Tuilleadh ath-chuairteachaidh phlastaig

Biona ath-chuairteachaidh Image copyright Getty Images
Image caption Faodar mullaichean bhotal plastaig a chur dhan bhiona ghorm a-nis cuideachd.

Ceadaichidh Comhairle na Gàidhealtachd barrachd sheòrsaichean plastaig a bhith air an cur dhan bhiona ghorm airson ath-chuairteachaidh bho dheireadh an Lùnastail.

A thuilleadh air canaichean aerosol, cèisean pàipeir is canastairean cairt-bhòrd, a chaidh a cheadaicheadh bho chionn ghoirid, bho Dhiluain 31mh an Lùnastail bidh cead aig muinntir na Gàidhealtachd poitean plastaig, tubaichean plastaig, treidhean plastaig agus mullaichean plastaig bhotal a chur dhan ath-chuairteachadh.

Tha sin a thuilleadh air pàipear, cairt-bhòrd, botail phlastaig, agus crogain tiona.

Dh'iarradh a' Chomhairle gum feum a h-uile rud a chuireadh dhan ath-chuairteachadh a bhith glan, tioram agus ma sgaoil sa bhiona, seach a bhith ann am bagaichean no eile. Bidh salchair sam bith a th' air a' phlastaig a' truailleadh stuth eile, leithid pàipeir, a tha sa bhiona.

Fiosrachadh ùr

Chan fhaodar plastaig dhubh a chur ann ge-tà, ri linn 's nach eil margaid ann airson stuth ath-chuairtichte air a dhèanamh dheth sin.

Gheibh dachannan fiosrachadh ùr a' mìneachadh nan atharrachaidhean a dh'aithghearr.

"Tha daoine air innse dhuinn gu bheil iad gu mòr airson tuilleadh stuth a bhith ceadaichte sna bionaichean gorma," thuirt Cathraiche nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig a' Chomhairle, an Comh. Ailean MacEanraig.

"Mar sin, 's e deagh naidheachd a tha seo do dhaoine, agus deagh naidheachd a th' ann cuideachd don àrainneachd, leis gun lùghdaich e na tha de sgudal ga chur dha na h-ionadan lìonaidh.

"Dh'iarrainn air daoine am fiosrachadh ùr a leughadh, gus an dèan iad cinnteach nach cuir iad ach stuth a tha ceadaichte dhan bhiona, 's gun cuimhnich iad gum feum stuth a bhith glan, tioram is ma sgaoil."

Thèid am fiosrachadh a chur air bionaichean gorma dhaoine air a' chola-deug a tha seo.

Faodaidh duine sam bith a tha air falbh an ceartuair agus dha nach urrainn am biona a chur a-mach, fònadh gu 01349 886603, no post-d a chur gu recycle@highland.gov.uk airson am fiosrachadh fhaotainn.