Drabastachd chloinne ga rannsachadh

Abaid Phlas Chàrdainn
Image caption Thuirt Poilis na h-Alba gum faodadh earbsa a bhith aig daoine gun tèid rannsachadh mionaideach a dhèanamh air na casaidean.

Dhearbh na Poilis ann am Moireibh gu bheil iad a' rannsachadh chasaidean eachdraidheil de dhrabastachd chloinne aig Abaid Phlas Chàrdainn faisg air Eilginn ann am Moireibh.

Thuirt oifigearan gu bheil an rannsachadh aig ìre glè thràth.

Ann am brath-naidheachd thuirt Poilis na h-Alba gum faodadh earbsa a bhith aig daoine gun tèid rannsachadh mionaideach a dhèanamh air casaidean mar seo, ge b' e dè cho fada air ais 's a bha iad a' dol.

Thuirt iad cuideachd gum faodadh duine sam bith a dh'fhulaing ionnsaigh a dhol thuca ann an dìomhaireachd 's gun tèid èisteachd riutha.