Uaigh Chaluim Chille ga creachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhTha manaidsear na h-abaid an amharas gur e cuideigin a bh' air turas là chun an eilein a bu choireach.

Tha poilis a' rannsachadh an deach oidhirp a dhèanamh gus uaigh Chaluim Chille air Eilean Ìdhe a chreachadh.

Thuirt Alba Aosmhor gun deach milleadh a dhèanamh air doras-ùrlair os cionn làrach na h-uaighe tràth feasgar Dhiluain.

Thuirt manaidsear Abaid Eilein Ìdhe, Sìne Mhàrtainn, gu bheil iad an amharas gur e cuideigin a bh' air turas là chun an eilein a bu choireach.

Thuirt i, ged nach robh dad air fhàgail anns an uaigh a ghabhadh a ghoid, gum bu chòir do dhaoine le fios a leigeil chun nam Poileas ma bha iad air dad amharasach fhaicinn.