Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair Janner

Tha a' chùis an aghaidh a' mhorair Làbaraich a tha fo chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air cloinn sna 60an, na 70an agus na h-80an, ga cluinntinn ann an Cùirt Mhaighstirean-Lagha Westminster an-dràsta. Tha an èisteachd ga cumail às dèidh mar a chaidh cur às do cho-dhùnadh nach deadh casaidean a thogail an aghaidh a' Mhorair Janner, air sàilleabh 's gun robh e 'a fulang le dementia. Dh'innis an neach-lagha aige dhan èisteachd nach robh am morair - a tha a' dol às àicheadh nan casaidean - fut gu leòr airson nochdadh mu choinneimh na cùirte.

Làraidh-sgudail

Chuala an rannsachadh tubaist bhàsmhoir air tubaist na làraidh-sgudail ann an Glaschu an-diugh bho dhotair a rinn measadh slàinte air dràibhear na làraidh ann an 2011. Dh'innis an Dr Joanne Wilcox dhan rannsachadh nam biodh Harry Clarke air innse dhi gun robh e air a dhol gun mhothachadh air a' bhliadhna rona sin, gum biodh i air innse dha nach robh e fut airson a bhith a' dràibheadh. Thuirt i cuideachd nach b' urrainn dhi grèim fhaighinn air na clàran meidigeach aige.

Cìsean Ionadail

Cho-dhùin rannsachadh air diofar chìsean ionadail nach eil dòigh sìmplidh ann airson fuasgladh fhaighinn air na trioblaidean le Cìs na Comhairle. Thuirt an t-Oll. Ken Gibb, bho Oilthigh Ghlaschu, gu bheil dùbhlan mòr mu choinneimh a bhith ag atharrachadh na cìse, no a bhith a' cur siostaim ùir na h-àite.

Tunail Chaolas Shasainn

Thòisich rannsachadh ga dhèanamh air mar a theab in-imreach coiseachd às an Fhraing dhan Rìoghachd Aonaichte, tro Thunail Chaolas Shasainn aig toiseach na seachdain. Nochd an duine, a tha 40 bliadhna de dh'aois, à Sudan, anns a' chùirt ann an Sasainn an-diugh fo chasaid gun do chuir e bacadh air seirbheisean-rèile.

Uaigh Chaluim Chille

Tha poilis a' rannsachadh an deach oidhirp a dhèanamh gus uaigh Chaluim Chille air Eilean Ìdhe a chreachadh. Thuirt Alba Aosmhor gun deach milleadh a dhèanamh air doras-ùrlair os cionn làrach na h-uaighe tràth feasgar Dhiluain. Thuirt manaidsear Abaid Eilein Ìdhe, Sìne Mhàrtainn, gu bheil iad an amharas gur e cuideigin a bh' air turas là chun an eilein a bu choireach. Thuirt i, ged nach robh dad air fhàgail anns an uaigh a ghabhadh a ghoid, gum bu chòir do dhaoine le fios a leigeil chun nam Poileas ma bha iad air dad amharasach fhaicinn.

Bangladais

Chaidh fear a bha aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh ana-chreidmhich fhaighinn air a sgoradh gu bàs ann am Bangladais. Thuirt na Poilis gun deach an corp aig Niloy Nil a lorg na dhachaigh anns a' phrìomh bhaile Dhaka. 'S e an ceathramh blogair a chaidh a mharbhadh ann am Bangladais bho thoiseach na bliadhna.

Coirea a Tuath

Agus thuirt Coirea a Tuath gun cuir iad gleocaichean na dùthcha air ais leth-uair de thìde mar slaic air ìmpireas Iapanach. Chaidh Coirea a chur ris an aon uair ri Tokyo fhad 's a bha Iapan a' riaghladh na dùthcha bho 1910 gu deireadh an Dàrna Cogaidh. Thèid na gleocaichean air ais air a' 15mh là den mhìos, a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaill Iapan smachd air Coirea.