Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Rìoghail na h-Alba

Thòisich an Riaghaltas a' reic earrainnean na Stàite ann am Banca Rìoghail na h-Alba. Tha iad air 5% de na h-earrainnean aca a reic ri companaidhean prìobhaideach airson £3.30 gach tè. Tha sin fada nas ìsle na a' phrìs de £5.02 a phàigh iad orra nuair a theab am banca a dhol fodha. Tha Roinn an Ionmhais a' faighinn an càineadh 's na pàrtaidhean dùbhlannach ag ràdh gum biodh iad air prìs nas fheàrr fhaighinn nam biodh iad air feitheamh.

Toraidhean nan Deuchainnean

Gheibh na mìltean de dhaoine òga air feadh Alba toraidhean nan deuchainnean sgoile an-diugh, 's an àireamh de sgoilearan a shoirbhich sna deuchainnean aig àrd-ìre air a dhol an-àirde 5.5% an coimeas ris an-uiridh. Dh'aidich Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba gun robh an deuchainn ann am matamataigs nas duilghe na bu chòir am-bliadhna, ach gun deach ceumannan a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum faigh sgoilearan na comharraidhean air a bheil iad araidh.

Calais

Tha am BBC a' tuigsinn gun do dh'fheuch timcheall air 600 de dh'in-imirichean air briseadh a-steach gu làrach Tunail Chaolas Shasainn ann an Calais an-raoir. Thuirt oifigear poilis Fraingeach gun deach stad a chur air 400 dhiubh mus d' fhuair iad tro na feansaichean, gun deach 180 eile a ghlacadh air an làraich fhèin, agus gun deach 20 duine a chur an grèim.

Companaidh Heileacoptairean

Tha cunnart ann gun tèid suas ri 50 obraichean a chall aig a' chompanaidh heileacoptairean CHC ann an Obar Dheathain. Tha e air a thuigsinn gun toireadh seo buaidh air pìleatan agus luchd-einnsinnìridh, agus gu bheil a' chompanaidh a' còmhradh ris an luchd-obrach agus na h-aonaidhean ciùird. Dh'fhoillsich Bristow Helicopters air a' mhìos a chaidh gun robh iadsan a' gearradh 130 obraichean anns an Rìoghachd Aonaichte.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an-diugh cead-dealbhachaidh a thoirt do bhun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh. Tachraidh seo 's ball de Chomhairle Choimhearsnachd a' bhaile ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a chosg air sgoiltean eile san eilean. Tha Catriona Leslie cuideachd ag ràdh gum biodh e ceàrr togalach eachdraidheil Màiread Charnegie a leigeil anns a' bhaile, agus an sgoil ùr a chur air an làraich. Thuirt riochdaire bho Chomann nam Pàrant nach robh an seo ach oidhirp gus dàil a chur air a' phròiseact aig a' mhionaid mu dheireadh.

Na Taliban

Tha ceannard oifis phoileataigeach nan Taliban ann an Qatar air a dhreuchd fhàgail, 's coltas ann gu bheil sgaradh a' nochdadh anns a' bhuidhinn às dèidh bàs Mullah Omar. Thuirt Syed Mohammed Tayab Agha gur e am prìomh rud a thug air falbh gun deach naidheachd mu a bhàs a chleith airson dà bhliadhna. Thuirt e cuideachd gum biodh e do-dhèante dha ceannard a leantainn nach deach a thaghadh ann an Afganastan. Chaidh ceannard ùr nan Taliban, Mullah Akhtar Mansour, a thaghadh aig àrd-choinneimh a chaidh a chumail ann am Pagastan.