Seirbheisean aiseig ri bhriseadh às a chèile?

Port-aiseig
Image caption Tha CMAL a' ruith 24 de phuirt-aiseig a' chosta an iar agus nan Eilean.

Dh'fhaodadh gum feumar seirbheisean Chal Mac a bhriseadh às a chèile, a rèir eòlaiche còmhdhail a th' air obair a dhèanamh dhan Riaghaltas.

Tha an t-Oll. Niall Kay ag ràdh gu bheil an dòigh sa bheil cuid de phuirt-aiseig air an taobh siar gan ruith, a' cur bacadh air farpais.

Tha an t-Oll. Kay ag ràdh gun deach iarraidh air CMAL, a tha a' ruith 24 de phuirt-aiseig a' chosta an iar agus nan Eilean, cìsean puirt a chur aig ìre a bhios a' ciallachadh rè ùine nach leig iad a leas taic-airgid bhon Riaghaltas.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil teachd-a-steach nam port as trice a tha air an cleachdadh a' cumail taic ris na puirt tha a' call airgid.

Tha Cal Mac a' cleachdadh nam port, agus tha iadsan a' faighinn taic bhon Riaghaltas airson na cìsean a phàigheadh.

Tha an t-Oll. Kay ag ràdh gu bheil sin a' toirt cothrom do CMAL na cìsean a chumail àrd, agus ged a tha sin a' freagart air Cal Mac, gu bheil e a' cur bacadh air companaidhean aiseig prìobhaideach a bhith a' farpais ri Cal-Mac.

Tha seirbheisean Chal Mac an-dràsta gam fosgladh gu farpais às an roinn phrìobhaidich.

Ach tha an t-Oll. Kay ag ràdh ma nì an AE rannsachadh, gum faodadh iad na seirbheisean a bhriseadh às a chèile airson a dhèanamh comasach do chompanaidh phrìobhaidich farpais airson nan seribheisean fa leth.