Amber Rudd gus bruidhinn ri comhairlean eileanach

Càball air grunnd na mara
Image caption Tha dàil air a bhith a' cur Càball a' Chuain Sgìth an sàs na chnap-starra mòr do leasachadh chumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar.

Thig Rùnaire a' Chumhachd, Amber Rudd, gu tuath anns an t-Sultain feuch fuasgladh fhaighinn air càball dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr, agus a shoilleireachadh gu bheil Riaghaltas Bhreatainn fhathast a' cur taic ri cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan.

Sin pàirt den teachdaireachd a bh' aig Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, agus e air thuras dha na h-Eileanan Diardaoin.

Gheall e cuideachd gun tigeadh cumhachdan agus teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin dha na h-Eileanan.

"An rud as motha a tha sinn a' togail bhon choinneimh a bh' againn, 's e gu bheil e soilleir gu bheil Rùnaire na Stàite - ged is e Rùnaire Stàite ùr a th' ann - gu bheil e gu math daingeann anns a' bheachd gu bheil e a' dol a leantainn leis an obair a bhathas air a dhèanamh ron taghadh anns a' Chèitean," thuirt Fear-gairm Comhairle na Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Còmhraidhean

"Agus gu bheil an obair a chaidh aontachadh an uair sin eadar sinn fhìn agus an Riaghaltas ann an Lunnainn, a' leantainn air adhart agus gu bheil esan a' dol a chur taic ris," thuirt e.

Tha dragh ann gu bheil co-dhùnadh Riaghaltas Bhreatainn stad a chur air subsadaidhean do thuathan-gaoithe air tìr on ath-bhliadhna a-mach a' dol a thoirt droch bhuaidh air eaconamaidh nan Eilean Siar.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mì-chinnt ann a thaobh cuid de leasachaidhean a bhios a' tachairt anns an àm a tha ri teachd," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Ach fiù 's ann a bhith a' dèanamh co-dhùnaidh den t-seòrsa sin, mar a rinn iad goirid an dèidh an taghaidh, rinn iad gu math soilleir e gun robh iad a' faicinn suidheachadh eileanan na h-Alba eadar-dhealaichte, agus nach robh iad a' bruidhinn air sin.

"Agus a-rithist chaidh sin a dhaingneachadh anns a' choinneimh a bh' againn le Rùnaire na Stàite.

"Bha e ag ràdh gun robh Ministear a' Chumhachd gu bhith a' tighinn a-nuas a bhruidhinn ris na h-ùghdarrasan ionadail, agus na h-ùghdarrasan eileanach gu sònraichte, agus a' bruidhinn air na cuspairean sin a-rithist airson comhfhurtachd a thoirt dhuinn, agus cuideachd mìneachadh dè na ceumannan a thathas a' dol a ghabhail thairis air na dhà no thrì mhìosan a tha romhainn.

"Chan eil teagamh sam bith a-nis nach eil Riaghaltas Bhreatainn a' dol a ghluasad cuspair Oighreachd a' Chrùin ann an Alba sìos gu Riaghaltas na h-Alba.

"Agus 's dòcha gu bheil beagan còmhraidh againn ri dhèanamh fhathast ri Riaghaltas na h-Alba mu dheidhinn dè fèidhear a tha a' dol a thighinn gu na h-ùghdarrasan ionadail a thaobh a' mhàil a tha Oighreachd a' Chrùin a' tarraing a-steach, agus cuideachd dèanamh cho-dhùnaidhean a thaobh dè tha a' dol a dh'fhaighinn cheadan a thaobh Oighreachd a' Chrùin 's dè nach eil.

"Tha sinne airson smachd a ghabhail air sin cuideachd, agus tha còmhradh againn ri dhèanamh ri Riaghaltas na h-Alba fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn a' dol a dhèanamh sin, agus tha mi an dòchas gu bheil sinn a' dol a dhèanamh sin le taic bhon Riaghaltas ann an Lunnainn," thuirt e.