Ministear ga ghairm a Steòrnabhagh

Dh'aontaich cothional Àrd-eaglais Shaor Steòrnabhaigh, a dh'fhàg Eaglais na h-Alba an-uiridh, gairm a thoirt dhan Urr. Uisdean Ferrier, mar chiad mhinistear a' chothionail.

Bha roghainn aig a' chothional eadar triùir mhinistearan, ach as dèidh bhòt an raoir, dh'aontaich iad uile an gairm a thoirt do Mhgr Ferrier.

Tha Mgr Ferrier, a tha 27bl, an-dràsta na mhinistear san Eaglais Shaor an Inbhir Theòrsa, far a bheil e air a bhith bho chionn trì bliadhna.

Thèid toradh a' bhòt a-nis gu Clèir nan Eilean Siar Dimairt, agus tha dùil gun tèid iarraidh air a' chothional gu lèir an ainm a chuir ris a' ghairm sa Lùnastal, agus thèid an gairm an uairsin a chuir gu h-oifigeil gu Mgr Ferrier.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile