Rabhadh bhon RMT mu iomairt-obrach eile

Lord of the Isles Image copyright Richard Sowersby
Image caption Bha buill an RMT air stailc aig deireadh na mìos a chaidh

Thug aonadh an RMT rabhadh gu faodadh luchd-obrach seirbheisean aiseig a' chost an iar tuilleadh iomairtean-obrach a chuir air chois.

Tha dà latha eile de chomhraidhean eadar CalMac agus an RMT Diciadain agus Diardaoin.

Thuirt àrd-rùnaire an aonaidh, Mick Cash, gu bheil na còmhraidhean a tha air a bhith ann air a bhith nam briseadh dùil, 's e ag iarraidh tuilleadh bhon chompanaidh.

Bha mu dhà thrian de sheirbheisean-aiseig an taobh siar nan tàmh nuair a chaidh luchd-obrach air stailc air a' mhios a chaidh.

Bha iad a' sireadh ghealltanais air tuarastal agus modhan-obrach agus seirbheisean an taobh siar a' dol a-mach gu tairgse.

Chaidh latha eile de dh'iomairt a chur dheth na bu thràithe air a' mhìos gus an deigheadh còmhraidhean a bharrachd a chumail.

Ach tha Mgr Cash ag ràdh gu bheil cus aire air dè nach gabh a dhèanamh agus nach tèid a dhèanamh, seach air a bhith a' feuchainn ris a' chùis a rèiteach.

Thuirt e nach b'urrainn dha a ràdh nach bi iomairt-obrach a bharrachd ann mur a bi a' chompanaidh deònach gluasad.

Còirichean

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad tàmailteach le seasamh an RMT 's na còmhraidhean a' leantainn.

A rèir àrd-stiùiriche na companaidh, Màrtainn Dorchester, chan eil CalMac a' feuchainn ri na modhan-obrach a th'ann atharrachadh.

Thuirt e gur e an t-aonadh a bhith ag obair còmhla ris a' chompanaidh na'n oidhirp cùmhnant nan aiseagan fhaighinn, an dòigh as fheàrr air na còirichean sin a ghleidheadh.

Aig a' cheart àm gheall Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun gabh an riaghaltas thairis seirbhisean aiseig a' chost an iar, ma dh'fhàilligeas ge bith cò a' chompanaidh a bhios gan ruith fon chùmhnant ùr.

A' freagairt ceistean ann am Pàrlamaid na h-Alba thuirt e cuideachd gun cailleadh a' chompanaidh sin cuid den t-subsadaidh, ma nì iad prothaidean mì-reusanta.

Thuirt Serco, a tha a' farpais ri CalMac airson a' chùmhnant, gun tig iad gu na coimhearsnachdan mus tèid an cùmhnant a-mach.

Thuirt Cathraiche Comhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Iain Macaoidh, gum b'fheàrr leis a' chomhairle na'n tigeadh Serco an-dràsta airson gum faigh iad a-mach dè na h-atharrachaidhean a dhèanadh iad na'n soirbhicheadh leotha san fharpais, agus a' bhuaidh a bhiodh aige a sin air an eaconamaidh ionadail.

"Feumaidh fios a bhith againn, agus chan ann nuair a tha e ro fhada," thuirt Mgr MacAoidh.

Tha CalMac air coinneamhan a chumail sa choimhearsnachd mur tha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile