Dealbhan às Uibhist air an Taisbeanadh

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dealbhan de dh'Uibhist a Deas agus feadhainn a bha a' fuireach ann sna 50n ri'm faicinn ann an Gailearaidh Nàiseanta Dhealbhan na h-Alba an Dùn Èideann.
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir an dealbhadair Aimeireaganach Pòl Strand trì mìosan seachad a' togail dhealbhan ann an Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla.
Fo-thiotal an deilbh,
Thog Mgr Strand còrr is ceud dealbh airson an leabhair aige, Tìr a' Mhurain, a chaidh fhoillseachadh ann an 1962.
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Mgr Strand a dh'Uibhist còmhla ris a' bhean aige Hazel Kingsbury Strand ann an 1954 an dèidh dha prògram rèidio a chluinntinn mu òrain Ghàidhlig às an sgìre.
Fo-thiotal an deilbh,
Bhiodh Mgr Strand tric a' togail dhealbhan de dhaoine le balla air an cùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an gailearaidh ag ràdh gu bheil Mgr Strand air a mheas mar fhear de na luchd-ealain as cudtromaiche ann an eachdaidh dhealbhan.
Fo-thiotal an deilbh,
Chosg e £37,000 na dealbhan fhaighinn dhan ghailearaidh. Thàinig £20,000 bho Stòras an Ealain.
Fo-thiotal an deilbh,
Bi na dealbhan air an taisbeanadh gu an 20mh dhen t-Sultain