Plana 60 flat a thogail ann an Inbhir Nis

Dh'fhoillsich companaidh togail planaichean son 60 flat ùr a thogail ri taobh na h-aibhne ann am meadhan Inbhir Nis air talamh a tha air a bhith bàn fad 16 bliadhna.

Tha Tulloch Homes a' sireadh cead-dealbhachaidh son an leasachaidh air Sràid na Glìb.

B'e amar-snàimh a bha air an làraich roimhe.

Bha planaichean ann ron a seo taigh-òsta a thogail ann, ach chaidh sin a leigeil seachad leis nach deach companaidh fhaighinn a bhiodh deònach a ruith.