Cothroman a dhìth gus Gàidhlig a bhruidhinn

A' Ghàidhlig
Image caption Thathas a' moladh ceangal nas motha eadar luchd-ionnsachaidh agus coimhearsnachd na Gàidhlig.

Chan eil cothroman gu leòr aig luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cànan a bhruidhinn anns a' choimhearsnachd.

Tha sin a-reir eòlaichean a rinn rannsachadh air mu 300 neach-ionnsachaidh às leth na buidhne Soillse.

Chaidh an rannsachadh a rinn na h-Ollamhan Marsaili agus Michelle NicLeòid, bho Oilthigh Obar Dheathain, a chuir mu choinneamh na Còmhdhail Ceiltis a th'air a bhith dol ann an Glaschu an t-seachdainn-sa.

Gàidhlig taobh a-muigh a' chlas

A-mach às na 282 neach a chaidh a cheasnachadh, thuirt 26 dhuibh nach do bhruidhinn iad RIAMH ri cuidegin a bha fileanta sa Ghàidhlig taobh a-muigh a' chlas.

Cuideachd thuirt 55 dhiubh nach robh cothroman gu leòr aca Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachaidhean eile.

Thuirt an t-Oll. Marsali NicLeoid, a bha an sàs anns an rannsachadh, gum bu chòir drochaidean a thogail eadar clasaichean oidhche agus coimhearsnachd na Gàidhlig agus cothroman a bharrachd a chruthachadh mar phàirt dhen na cùrsaichean son inbhich.

Cothroman bruidhinn

A-rèir an Ollaimh Michelle NicLeòid, 's e barrachd uairean a chur seachad a' bruidhinn na Gàidhlig an rud a tha dhìth air luchd-ionnsachaidh - chan eil uair a thìde gu leth, no dà uair gach seachdain fada gu leòr 's feumar cothroman a bharrachd a thoirt dhaibh.

Cuideachd sheall an rannsachadh gun robh 29% nach robh deònach Gàidhlig a bhruidhinn.

Ged a chaidh cuid den rannsachadh seo fhoillseachadh mìos air ais b' e seo a' chiad turas a chaidh an rannsachadh air fad a chuir mu choinneamh a' phobaill.