Dà bhliadhna sa phrìosan son meirle

Chaidh binn dà bhliadhna sa phrìosan air fear a ghoid airgead bho bhùth gheall ann am Baile a' Chnuic ann an Inbhir Nis.

Bha Marco Conti, 26 à Prestonpans, a' dèanamh a-mach gun robh e fulaing le tinneas inntinn nuair a rinn e meirle air bùth Ladbrokes 's e a' faighinn air falbh le £6,320.

Ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis, dh'aidich e gun tug e ionnsaigh air a' mhanaidsear agus gun do ghoid e airgead air an 29mh là dhen t-Sultainn an uiridh.

Thuirt an Insp Mark Czerniakiewicz gur e droch ionnsaigh a bha seo, agus gun do rinn e cron uamhasach air a' mhanaidsear.

Thuirt e gun robh muinntir na sgìre gu math cuideachail anns an rannsachadh aca, agus gun robh am peanas a chaidh a chuir air Conti a' sealltainn nach tèid gabhail ri dol a-mach dha leithid.