Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bristow

Tha dragh ann mu 130 cosnadh aig a' chompanaidh heileacoptair Bristow a tha a' ruith sheirbheisean dhan Chuan a Tuath. Thuirt Bristow, a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain, gu bheil iad a' coimhead air gearraidhean airson airgead a chùmhnadh mu choinneimh crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola agus gas.

Bùthainnean Mòra

Thuirt riaghladair na farpais gu bheil dearbhadh ann gu bheil feadhainn de na bùthainnean as motha a' toirt a' char à daoine le siostam prìsean meallta air biadh agus stuth eile. Rinn Ùghdarras na Farpais agus Margaidh rannsachadh fad trì mìosan air a' chùis, agus tha iad ag ràdh gu bheil feadhainn de na supermarkets a' briseadh riaghailtean, agus tha coltas ann gun tèid càin air feadhainn dhiubh sin.

Dotairean-Teaghlaich

Tha rannsachadh a rinn am BBC an Alba ag ràdh gur e trioblaid a' fastadh dhotairean as motha as coireach gu bheil bùird shlàinte a' gabhail smachd air ionadan dotair-teaghlaich. Tha NHS na h-Alba ag ràdh gu bheil iadsan a' ruith 42 ionad GP - rud nach bi iad a' dèanamh ach ann an suidheachadh sònraichte, no ann an èiginn. 'S tha sgrùdadh a rinn am Pàrtaidh Làbarach an Alba ag ràdh gu bheil 162 dhreuchd dotair falbh aig na h-ionadan GP a fhreagair an sgrùdadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba ge-tà, nach eil èiginn anns an t-seirbheis.

Am BBC

Tha co-chomhairleachadh an Riaghaltais air a' BhBC a' tòiseachadh an-diugh. Thèid pàipear uaine fhoillseachadh a tha a' moladh BBC gu math nas lugha a bhios a' dèanamh phrògraman a tha a' toirt seachad seirbheis phoblaich, agus nas lugha de phrògraman telebhisein aotrom.

Na Lib-Deamaich

Thèid Ceannard ùr nan Libearalach Deamocratach ainmeachadh an-diugh. Cha do sheas ach dithis, 's tha a h-uile dùil gur e seann Cheann-Suidhe na pàrtaidh, Tim Fallon, as coltaiche an dreuchd fhaighinn, seach an t-seann mhinistear slàinte, Tormod Lamb.

Am Pàipear Beag

Dh'aidich deasaiche an West Highland Free Press gun do rinn e mearachd na dhèiligeadh ris an Àrd-Oll. Dòmhnall MacLeòid, nach eil tuilleadh a' sgrìobhadh dhan phàipear. Air duilleag aghaidh a' phàipeir an-diugh tha Iain MacCarmaig ag iarraidh air luchd-leughaidh a leisgeul a ghabhail airson sin. Ach chan eil e a' dèanamh leisgeul sam bith airson a bhith a' faighinn cuidhteas Bhrian MhicUilleim, e fhèin a chaill àite mar sgrìobhaiche an dèidh dhasan dìon a chur air an Àrd-Ollamh.

Briseadh Rèidio

Tha a h-uile dùil ri briseadh ann an seirbheisean rèidio, Radio nan Gàidheal agus Radio Alba nam measg, airson ùine ghoirid feasgar fhad 's a tha càradh ga dhèanamh air a' chrann chraolaidh ann an Ros Mhaircnidh. Tha dùil gun tòisich an obair sin mu 1:15f, agus gum mair e eadar fichead mionaid agus uair de thìde.