BPA a' cur taic ri athchuinge burraidheachd

Chuir Ball-Pàrlamaid Albannach Earra-Ghàidheal is Bhòid, Mike Russell, a thaic ri athchuinge ag iarraidh rannsachaidh air casaidean de bhurraidheachd aig comhairle na sgìre.

Chaidh an athchuinge a chur air loidhne le buidhinn a bha a' feuchainn ri Caisteal Toll Àrd a cheannach do mhuinntir an àite.

Chuireadh còrr air 2,000 ainm rithe thuige seo.

Thuirt Leas-Cheannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ellen Morton, gun robh dòighean-obrach agus taic làidir ann a cheadaicheadh do luchd-obrach draghan sam bith a th' orra a thogail.