Fiosrachadh a dhìth air Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig
Image caption Chaidh am fiosrachadh iarraidh air Bòrd na Gàidhlig fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Tha ceistean às ùr air èirigh mu Bhòrd na Gàidhlig, an dèidh dhaibh aideachadh nach eil fiosrachadh aca mu àireamhan thidsearan Gàidhlig no cia mheud a tha a dhìth.

Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil Plana Nàiseanta a' chànain aig a' Bhòrd fhèin ag ràdh gu bheil fastadh thidsearan Gàidhlig na phrìomh dhleastanas air a' Bhòrd.

Thàinig am freagairt ann am fiosrachadh a thug iad seachad fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Fhuair Radio nan Gàidheal grèim air na freagairtean sgrìobhte a chuir am Bòrd gu cuideigin a dh'iarr fiosrachadh orra mu thidsearan.

Ceannard ùr

Chaidh faighneachd den Bhòrd cia mheud tidsear a bha a' teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig an-dràsta. Fhreagair am Bòrd: "Chan eil am fiosrachadh sin aig Bòrd na Gàidhlig".

Chaidh faighneachd cuideachd cia mheud tidsear ùr a thàinig a-mach anns na còig bliadhna mu dheireadh, thuirt am Bòrd nach robh fios aca, agus gur dòcha gum faighte am fiosrachadh sin bho Chomhairle Teagaisg na h-Alba.

A thaobh cia mheud tidsear a bh' air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhàgail, thuirt iad a-rithist nach robh fhios aca, 's gur dòcha gum bitheadh fios aig na comhairlean ionadail.

Cha mhotha a bha fios aig a' Bhòrd cia mheud tidsear Gàidhlig a bhiodh a dhìth sna còig bliadhna ri teachd, no cia mheud a bha dùil a leigeadh dhiubh an dreuchdan sna coìg bliadhna ri teachd.

Chaidh faighneachd den Bhòrd cuideachd "dè na ro-innleachdan a bh' aca airson dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile tidsear FTG (gu h-àraid an fheadhainn a fhuair maoineachadh stàite airson an cuid trèanaidh) obraichean làn-ùine?"

Thuirt iad nach robh am fiosrachadh sin aca, agus gur ann leis na h-ùghdarrasan ionadail a bha tidsearan air am fastadh, 's gur dòcha gum faighte am fiosrachadh sin bhuapasan.

Ann am plana leasachaidh chànain a' Bhùird, tha sgrìobhte gu bheil e na phrìomhachas aca "dèanamh cinnteach gun bheil sùim iomchaidh ga toirt do dh'fhastadh, cumail, oideachadh agus leasachadh thidsearan FTG agus FLI".

"Tha prìomh dhleastanas air a' Bhòrd airson fastadh thidsearan Gàidhlig agus obraichidh e leis gach buidheann iomchaidh gus planadh, fastadh is foghlam thidsearan a leasachadh.

"Obraichidh sinn le Riaghaltas na h-Alba is ùghdarrasan ionadail gus cuibhreann brosnachaidh a thabhann air tidsearan is gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a' dol gu na puist FTG a chaidh aontachadh agus a' fuireach annta".

Ann am brath a dh'fhoillsich am Bòrd a' mìneachadh nam freagairtean a thug iad don iarrtas fiosrachaidh, thuirt iad: "Chan ann ri Bòrd na Gàidhlig a-mhàin a tha e an urra na h-amasan ro-innleachdail a tha sa Phlana a lìbhrigeadh, agus tha am Plana a' cur sìos gu soilleir am pàirt a tha aig ùghdarrasan agus buidhnean eile ann a bhith lìbhrigeadh nan amasan ro-innleachdail sin.

"Tha reachdas Saorsa an Fhiosrachaidh a' toirt na còrach do dhaoine fiosrachadh fhaicinn a tha glèidhte aig ùghdarras poblach aig an àm a thèid iarrtas a chur thuca. Chan eil sin ag ràdh gum feum ùgharras poblach fiosrachadh às ùr a chruthachadh, m.e. beachdan, breithneachadh no mìneachadh a thoirt seachad. A thuilleadh air sin, nuair a bhios ùghdarras poblach a' toirt freagairt do dh'iarrtas chan eil an reachdas ag ràdh gum feum iad fiosrachadh fhaighinn a dh'fhaodadh a bhith aig buidhnean no daoine eile."

Tuilleadh air an sgeulachd seo