Dh'fhaodar gum falaichear fo-thiotalan

BBC ALBA
Image caption Tha luchd-iomairt a' gearain air gu bheil fo-thiotalan Beurla air BBC ALBA a' milleadh phrògraman Gàidhlig dhaibh.

Thuirt 'Gàidhlig TV' - buidheann a chaidh a chur air chois airson barrachd Gàidhlig fhaighinn air BBC Alba - gu bheil iad air fiosrachadh fhaighinn bho Urras a' BhBC gum faodadh gun gabh fo-thiotalan a chur am falach ma 's e sin a tha luchd-amhairc ag iarraidh.

Thuirt MG Alba ge-tà, nach eil fo-thiotalan ach a' cur dragh air 24% de dhaoine a tha a' coimhead an t-sianail, le 51% ag ràdh nach robh dragh aca mun deidhinn.

Tha Aonghas Dubh MacNeacail bho 'Gàidhlig TV' den bheachd gu bheil fuasgladh air fàire.

"Thuirt (am BBC ann an) Lunnainn nach fheum fo-thiotalan a bhith air an losgadh a-steach mar gum biodh. Gu bheil dòighean air putan a bhruthadh is gum falbh iad no gun till iad a rèir 's dè tha a dhìth air daoine," thuirt e.

"Dhan fheadhainn nach eil gan iarraidh, bhiodh e na ghoireas gu math feumail.

"Bhithinn fhìn an dòchas, dhan fheadhainn a tha ag iarraidh leithid de ghoireas, gum b' urrainn dhuinn an dà chuid fo-thiotalan Beurla agus fo-thiotalan Gàidhlig a chur suas.

"Bidh mi an còmhnaidh a' smaoineachadh, chan e dìreach coimhearsnachd de sheann Ghàidheil mar gum biodh a tha sinn a' dèiligeadh ris, ach bidh sinn an dòchas gu bheil fhathast cuibhreann math de dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig, no a tha gu ìre fileantachd a ruigheachd, agus bhiodh e na dhaingneachadh dhaibhsan gum b' urrainn dhaibh sin a dhèanamh.

"Chan eil adhbhar sam bith nach biodh an roghainn ann a bhith le fo-thiotalan no a bhith às an aonais," thuirt e.

Thathas a' feitheamh air freagairt bho MG ALBA.