Dùbhlan do bhreithneachadh sgoiltean Sgitheanach

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Chaidh co-dhùnadh na Comhairle ceithir sgoiltean san Eilean Sgitheanach a dhùnadh, a ghairm a-steach leis an Riaghaltas sa Chèitean, agus pàrantan air cur an aghaidh nam planaichean.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ath-thagradh a chur a-steach an aghaidh breithneachadh Riaghaltas na h-Alba, a thuirt nach fhaodadh iad ceithir sgoiltean an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh.

Chaidh planaichean na Comhairle gus bun-sgoiltean an t-Struthain, a' Chnuic Bhric, an Aodainn bhàin agus Dhùn Bheagain a dhùnadh, a' cur sgoile ùire nan àite, a ghairm a-steach leis an Riaghaltas anns a' Chèitean, agus pàrantan air cur na aghaidh.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad air comhairle laghail fhaighinn air a' chùis.

"Tha a' Chomhairle a' tuigsinn gum bi na h-uimhir de mhì-chinnt ann do choimhearsnachd chinn an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich fhad 's a mhaireas an ath-thagradh seo," thuirt an Comh. Drew Millar, a tha na Chathraiche air Comataidh Foghlaim is Seirbheisean Cloinne is Inbheach aig a' Chomhairle, agus na Chomhairliche air Uard Eilein a' Cheò.

"Ach, tha sinn gu làidir den bheachd gun tigeadh buannachdan mòra foghlaim agus coimhearnsachd an cois na sgoile ùire coimhearsnachd, agus gun deach pròiseas na co-chomhairle a leantainn gu ceart agus gu h-iomlan gus an co-dhùnadh a ruighinn.

"Tha a' Chomhairle den bheachd gun deach Panal an Riaghaltais ceàrr sa cho-dhùnadh aca, a tha an-dràsta a' cur bacadh oirnn bho bhith a' cur suas ri £10m a-steach air sgoil coimhearsnachd ùir mar a bha dùil.

"Tha a' Chomhairle cuideachd den bheachd gu bheil an ath-thagradh seo a' chùm maith na coimhearsnachd, gus goireasan adhartach ùra a thoirt a-steach, a bheir sàr-fhoghlam seasmhach seachad san àm ri teachd."