Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist an M9

Chaidh fios air Coimiseanair Rannsachaidh agus Ath-Sgrùdaidh nam Poileas, agus coltas ann gun robh dithis às an Eaglais Bhric fad trì là ann an càr a chaidh far an M9 faisg air Sruighlea Là na Sàbaid. Chaidh corp fireannaich fhaighinn anns a' chàr an-dè, agus tha boireannach gu math ìosail anns an ospadal. Dh'aidich Poilis na h-Alba nach do rinn iad dad aig an àm mu aithrisean gun robh tubaist chàir anns an sgìre.

Cal Mac

Cha tèid stailc Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air adhart a-màireach. Thuirt aonadh an RMT gun do dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba dàil a chur anns a' phròiseas tairgse airson nan seirbeisean-aiseig gus am bi tuilleadh còmhraidh ann mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach agus peinnsean. Ach tha a' mhì-chinnt a bh' ann mun stailc a' toirt buaidh air cuid de sheirbheisean Chal Mac an-diugh, agus a-rithist a-màireach.

Am Buidseat

Bidh deasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar air a' bhuidseat. Thuirt an t-Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil am buidseat a' toirt tèarainteachd eaconamaich dhan dùthaich air fad. Tha a nàimhdean poileataigeach ag ràdh ge-tà, gum bi daoine a tha ag obair nas miosa dheth le gearraidhean ann an taic, ged a bhios tuarastal bith-beò ag èirigh gu £9 san uair an ceann còig bliadhna.

Drabastachd Chloinne

Chaidh tòiseachadh gu foirmeil air rannsachadh farsainn mu dhrabastachd an aghaidh chloinne, le rabhadh gun do dh'fhàg an t-seòrsa eucorra sin làrach chan ann a-mhàin air na dh'fhulaing, ach air an dùthaich gu lèir. Chaidh am britheamh, Lowell Goddard, à New Zealand, a chur os cionn an rannsachaidh an dèidh chasaidean gun deach feuchainn ri cùisean fhalach. Thuirt ise nach bi duine, ge b' e dè cho cumhachdach iad, os cionn an ceasnachaidh.

A' Ghrèig

Cuiridh a' Ghrèig plana ùr eaconamach air adhart an-diugh 's iad a' feuchainn ri fuireach anns an airgead shingilte Eòrpach. Tha teagamh air cuid de na dùthchannan an an Sòn an Euro an cùm a' Ghrèig ris na cùmhnantan air a bheil iasadan eadar-nàiseanta a' crochadh.

Tuathan-gaoithe

Tha gnìomhachas agus coimhearsnachdan air an tig buaidh le cur às do shubsadaidh airson tuathan-gaoithe air tìr a' coinneachadh ri Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, ann an Glasachu an-diugh. Tha dragh ann gun toir an gearradh, a dh'ainmich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, droch bhuaidh air airgead leasachaidh agus air cosnaidhean anns a' ghnìomhachas.