Figearan marbhaidh nan ròn "ri innse"

Ròin Image copyright Getty Images
Image caption Tha gach companaidh a tha a' ruith thuathanasan bradain a' faighinn cead shònraichte a leigeas leotha ròin a mharbhadh gus dìon a chur air stocan èisg.

Chuir luchd-iomairt fàilte air co-dhùnadh Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba a bhios a' ciallachadh gum feum Riaghaltas na dùthcha innse cia mheud ròn a tha gam marbhadh aig tuathanasan bradain gach bliadhna.

Bha Ministearan an Riaghaltais air a ràdh gum faodadh gum biodh luchd-obrach nan tuathanasan no an cuid theaghlaichean ann an cunnart nan deadh am fiosrachadh a sgaoileadh.

Tha gach companaidh a tha a' ruith thuathanasan bradain a' faighinn cead shònraichte a leigeas leotha ròin a mharbhadh gus dìon a chur air stocan èisg.

Ach 'son grunn bhliadhnaichean, tha luchd-iomairt air a bhith ag ràdh gum bu chòir fiosrachadh mionaideach a bhith air fhoillseachadh a thaobh nan àireamhan airson cothrom a thoirt do dhaoine roghainn a dhèanamh air a bhith a' ceannach bhradain bho thuathanasan-èisg.

Cho-dhùin Coimiseanair an Fhiosrachaidh gun do dh'fhailich e air an Riaghaltas obrachadh a rèir nan riaghaltean àrainneachail 's chaidh iad an aghaidh beachd gum biodh an gluasad na chunnart dhan phoball.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air co-dhùnadh a Choimiseanair.